OVERVIEW RO-RÀDH
Stiùidio Ostaig is a professional audio recording studio located at Sabhal Mòr Ostaig, Scotland’s Gaelic College on the Isle of Skye. At Stiùidio Ostaig, musicians can engage with a vibrant music community and let their music take shape at leisure in one of the most beautiful and inspiring landscapes in Scotland. Tha Stiùidio Ostaig na stiùidio clàraidh ùr proifeiseanta ann an Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste na Gàidhlig, anns an Eilean Sgitheanach. Ann an Stiùidio Ostaig, ‘s urrainn do luchd-ciùil a thighinn an lùib coimhearsnachd bheothail cheòlmhor agus an cuid ciùil a chruthachadh ann an àite a tha an dà chuid brèagha agus brosnachail.

 
 
CD Picture
 

CD
PROMOTIONAL CD CD TAISBEANAIDH
Students, graduates and staff from the BA (Hons) Gaelic and Traditional Music Degree programme at Sabhal Mòr Ostaig recorded a promotional CD to launch Stiùidio Ostaig. The CD was recorded, mixed and mastered in the Studio. Individual tracks may be bought through iTunes or to purchase the CD directly from the college shop, click here. Chlàraich oileanaich, luchd-ceumnachaidh is luchd-obrach a’ chùrsa BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta CD ùr airson Stiùidio Ostaig a thaisbeanadh. Chaidh an CD a chlàradh, a mheasgachadh agus a mhaighstireadh anns an stiùidio. Faodar na h-òrain fa leth a cheannach air iTunes no airson an CD fhèin a cheannach bho bhùth na Colaiste, briog an seo.

 
 
 

Àrainn Ostaig campus: the home of Stiùidio Ostaig.

Àrainn Ostaig: dachaigh Stiùidio Ostaig.

 

SERVICES SEIRBHEISEAN
Stiùidio Ostaig offers musicians more than just an outstanding audio recording studio in a beautiful, relaxed and friendly environment. Because the Studio is integrated with the rest of the college’s facilities, visiting musicians can also make use of the many rehearsal spaces, the two performance venues and other spaces to host workshops and hold concerts or recitals. The college also offers excellent accommodation and meals at very low cost allowing groups as large as choirs or pipe bands the option of an extended stay at rates which would be difficult to beat anywhere else. Package deals tailored to meet the needs of groups or individuals are available. Tha Stiùidio Ostaig a’ tairgsinn fada a bharrachd don luchd-ciùil na dìreach stiùidio clàraidh ann an àite eireachdail, sìtheil is càirdeil. A chionn ‘s gu bheil an Stiùidio co-cheangailte ri goireasan na Colaiste, faodaidh an luchd-ciùil na h-àiteachan-cluiche eile, dà thalla agus àiteachan eile a chleachdadh airson bùithtean-obrach no consartan a chumail. Tha àiteachan-fuirich air leth aig a’ cholaiste agus gheibhear biadh air prìsean ìosal, a leigeas le buidhnean a leithid còisirean no còmhlanan-pìoba fuireach nas fhaide air prìsean nach lorgar an àite sam bith eile. Tha prìsean sònraichte ann do bhuidhnean agus do dhaoine fa leth.

 
 
 
 
 

THE MUSIC COMMUNITY A’ CHOIMHEARSNACHD CHIÙIL
Sabhal Mòr Ostaig has become one of the major musical hubs in the Highlands and Islands. Some of the worlds’ top musicians travel to teach and perform at the college every year and an exceptionally strong musical community that includes staff and students from the BA (Hons) Gaelic and Traditional Music Degree Programme, ensure that there are always musicians nearby to help with recordings and gigs. We are happy to help connect you with any number of locally available professional musicians to meet your needs. Tha Sabhal Mòr Ostaig air fear de na prìomh àiteachan ciùil ann an Alba. Bidh cuid den luchd-ciùil as fheàrr san t-saoghal a’ tighinn don cholaiste a h-uile bliadhna airson teagasg no cluich ann agus on a tha a’ choimhearsnachd cho làidir is ceòlmhor, anns a bheil tidsearan is oileanaich on chùrsa BA (Hons) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta, bidh luchd-ciùil faisg ort airson cuideachadh le clàradh is cuirmean. Nì sinn ar dìcheall gun cuir thu aithne air iomadh neach-ciùil proifeiseanta às an sgìre.

Some notable local musicians include: Angus Nicolson (piper and member of Seudan and The Angus Nicolson Trio), Allan Henderson (multi-instrumentalist, composer, arranger, producer, engineer and member of Blazin Fiddles), Brendon Martin (fiddler), Decker Forrest (piper), Christine Primrose (Gaelic singer), Ingrid Henderson (harp, keyboard, composer, arranger and member of the Glenfinnan Ceilidh Band), Mairi Sine Campbell (Gaelic singer), Margaret Stewart (Gaelic singer) Murdo Cameron (guitarist and member of The Angus Nicolson Trio) and Rick Taylor (multi-instrumentalist, composer, arranger, producer and MIDI expert). Am measg an luchd-ciùil ionadail tha: Aonghas MacNeacail (pìobaire agus na bhall de Seudan agus The Angus Nicolson Trio), Ailean MacEanruig (neach-ciùil, sgrìobhaiche ciùil, neach-eagrachaidh, riochdaire, innleadair agus na bhall de Blazin Fiddles), Brendon Màrtainn (fìdhlear), Decker Forrest (pìobaire), Cairistìona Primrose (seinneadair), Ingrid NicEanruig (clàrsach, meur-chlàr, sgrìobhaiche, neach-eagrachaidh agus na ball de Glenfinnan Ceilidh Band), Màiri Sìne Chaimbeul (seinneadair), Maighread Stiùbhart (seinneadair), Murchadh Camshron (giotàr agus na bhall de The Angus Nicolson Trio) agus Rick Taylor (neach-ciùil, sgrìobhaiche, neach-eagrachaidh, riochdaire agus eòlaiche MIDI).

 

THE STUDIO AN STIÙIDIO
Stiùidio Ostaig was created by a full-scale conversion of a television training studio in 2009. The studio operates a Pro Tools HD system featuring UAD Plug-ins and a C|24 control surface. We have a large live room with moveable partitions, a spacious control room with a window overlooking the live room, and access to a small kitchen and cafe in the same building. The studio has a range of professional microphones by AKG, DPA, Josephson and others, 6-way headphone distribution, and other facilities. A variety of instruments, software instruments, rehearsal PA and other equipment can be hired at additional cost. Chaidh Stiùidio Ostaig a chur air bhonn an dèidh seann stiùidio trèanadh telebhisein ùrachadh uile gu lèir an 2009. Tha an stiùidio a' cleachdadh siostam Pro Tools HD le UAD Plugins agus C|24 control surface. Tha seomar mòr beò againn le bhallachan a ghabhas gluasad, seomar smachd farsaing le uinneag mhòr os cionn an t-seomair bheò agus sheibhear cidsin beag is café anns an aon togalach. Tha roghainn de mhicro-fònaichean proifeasanta le AKG, DPA, Josephon agus eile, cluais-fhòn air sia-port sgaoilidh agus goireasan eile anns an stiùidio. Faodar roghainn de dh' innealan-ciùil, innealan-bathair bhuig, PA aithris agus uidheamachd eile fhaighinn aig cosgais a bharrachd.

 
Picture of the studio
 

At 60 square meters the recording space is one of the largest in Scotland and offers a range of recording possibilities - from soloists to large choirs or pipe bands. Tha an talla clàraidh seo, a tha 60m2, air fear den fheadhainn as motha an Alba is bhiodh e freagarrach don a h-uile duine eadar cluicheadairean fa leth agus còmhlanan-pìoba.

 
 

BOOKING GLÈIDHEADH
For all booking enquires and additional information, please contact: Cuir fios gu Ailean MacEanruig, Manaidsear Stiùidio airson ceistean a thaobh àite clàraidh a ghlèidheadh no airson an tuilleadh fiosrachaidh:
Hector MacInnes Eachainn MacAonghais
Email Icon stiuido@gmail.com

Stiùidio Ostaig, Sabhal Mòr Ostaig (Àrainn Ostaig Campus), Teangue, Isle of Skye, IV44 8RQ Stiùidio Ostaig, Sabhal Mòr Ostaig (Àrainn Ostaig), An Teanga, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ

Telephone Icon 07747148465

 
 

Sabhal Mòr Ostaig is a company limited by guarantee, registered in Scotland, number 361752 and having its Registered Office at Colaiste Ghàidhlig na h-Alba, Teangue, Sleat, Isle of Skye, IV44 8RQ. Registered charity no: SC002578. Tha Sabhal Mòr Ostaig na chompanaidh earranta clàraichte ann an Alba, àireamh 361752. Oifis chlàraichte Colaiste Ghàidhlig na h-Alba, An Teanga, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ. Àireamh Carthannas Albannach Clàraichte SC002578.

Design: Cànan